Cha b'e sneachda 'san reothadh bho thuath
Cha b'e crannadh geur fuar bho'n ear
Cha b'e 'n uisge 'san gailleon bho'n iar
Ach an galair a bhlen bho'n deas
Blath, duileach stoc agus freumh
Canan mo threubh 's mo shluaidh
Thig thugainn, thig co-ruim gu siar
Gus an cluinn sinn ann canan nam Fein
Thig thugainn, thig co-ruim gu siar
Gus an cluinn sinn ann canan nan Gaidheal
'S iomadh gille thug greis air a chuibhl'
'S an dubh-oidhche thog fonn Gàidhlig a' chridh
'S iomadh gaisgeach a' bhrosnaich sa bhlàir
Gu euchd nuair bu teatha bha'n strì
O Ghaidheil, o caite 'n deach d'uail
'N ad Chìne 's nad chanan 's do thir
Thig thugainn, thig co-ruim gu siar
Gus an cluinn sinn ann canan nam Fein
Thig thugainn, thig co-ruim gu siar
Gus an cluinn sinn ann canan nan Gaidheal
Ged theich i le beath' as na glinn
Ged 's gann an duigh chluinntir nas mo
O Dhuthaich-Mhic Aoidh fada tuath
Gu ruig thu Druim-Uachdair nam bo
Gidheadh dhi na h-eileanan 'Siar
Bi an claidheamh 's an sgiath 'nad dhòrn
Thig thugainn, thig co-ruim gu siar
Gus an cluinn sinn ann canan nam Fein
Thig thugainn, thig co-ruim gu siar
Gus an cluinn sinn ann canan nan Gaidheal